News 08/11/2021

Cwlwm | Ceangal | Connections Conference 2021

Cwlwm

**Scroll down for Gaelic**

26th-27th November 2021      *Online Event*

Ceangal | Cwlwm III is the third gathering of artists and organisations working in theatre in Irish, Scottish Gaelic and Welsh. This year’s gathering brings together theatre artists and makers, academics, students, policymakers, and funders, to create a platform for two days of panel discussions, a keynote address, the Ceangal | Cwlwm website launch and a call for digital theatrical presentations from the three nations. 

This year’s gathering is hosted by the Centre for Media and Culture in Small Nations, University of South Wales in partnership with Theatre Gu Leòr and the National University of Ireland Galway, and with support from Ealaín na Gaeltachta, Theatr Genedlaethol Cymru, The National Eisteddfod of Wales, and Taibhdhearc na Gaillimhe.

 

The four key objectives of the gathering are to:

  • Explore innovative approaches to making new work in these three minoritised languages.
  • Interrogate and share models of best practice.
  • Agree on common guiding principles for the theatre sectors working in Irish, Scottish Gaelic, and Welsh that nurture respect, linguistic diversity and equality.
  • Continue to commission theatre makers to present new work in their native languages of Welsh, Irish and Scottish Gaelic.

Throughout this year’s event there will be artists’ panels, academic dialogues, and opportunities for attendees to interact with panellists and speakers. Themes include theatre and rural communities; developing new writing; working multilingually; equality, diversity and inclusion and the needs of theatre practitioners and the industry; first steps into producing and directing theatre; and the skills required for working in these minoritized languages. The event’s keynote speech will be delivered by Professor Michelle Macleod, University of Aberdeen, based on her book, Dràma na Gàidhlig: Ceud Bliadhna Air An Àrd-Ùrlar, A Century of Gaelic Drama (Glasgow, 2021). The 2021-22 Ceangal | Cwlwm Digital Theatre Commission for Artists will be opened during the gathering, and there will be opportunity to hear from previous commissioned artists on their experiences of completing this commission. The Ceangal | Cwlwm website will be launched during the event.

Previous gatherings, hosted by partners in Scotland and Ireland, developed a set of guiding principles and set a precedent for new ways of working across the three languages. There will be opportunities to read the guiding principles on the Ceangal | Cwlwm website and to feedback on them during this gathering.

The gathering will allow for simultaneous translation during panel discussions, ensuring accessibility for attendees across the spectrum of languages involved.

Ticketing for the event is free but registration on Eventbrite is essential. Go to https://culture.research.southwales.ac.uk/  for further details of the event and how to register. 

**Gaelic**

26-27 Samhain 2021      *Tachartas air loidhne*

’S e Ceangal | Cwlwm III an treas cruinneachadh de luchd-ealain is de bhuidhnean a tha ag obair ann an gnothaichean an taigh-chluiche ann an Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig na h-Alba agus Cuimris. Tha an cruinneachadh am bliadhna a’ toirt còmhla luchd-ealain is luchd-dèanamh taigh-cluiche, luchd-acadaimigeach, oileanaich, luchd-dèanamh-poileasaidh agus luchd-maoineachaidh, gus àite chruthachadh airson dà latha de dheasbadan panail, prìomh-òraid, cur air bhog làrach-lìn Ceangal | Cwlwm agus gairm airson taisbeanaidhean didseatach taigh-cluiche bho na trì dùthchannan.

Tha an cruinneachadh am bliadhna ga chur air dòigh leis an Ionad airson Mheadhanan agus Cultar ann an Nàiseanan Beaga aig Oilthigh Ceann a Deas na Cuimrigh ann an compàirteachas le Theatre Gu Leòr agus Oilthigh na h-Èireann, Gaillimh, agus le taic bho Ealaín na Gaeltachta, Theatr Genedlaethol Cymru, Eisteddfod Nàiseanta na Cuimrigh, agus Taibhdhearc na Gaillimhe.

’S iad ceithir prìomh amasan a’ chruinneachaidh:

  • A bhith a’ beachdachadh air dòighean-obrach ùr-nòsach airson obair ùr a chruthachadh anns na trì mion-chànanan seo.
  • Modailean den chleachdadh as fheàrr a rannsachadh agus a roinn.
  • A bhith ag aontachadh air prionnsabalan stiùiridh coitcheann airson na roinnean taigh-cluiche a tha ag obair ann an Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig na h-Alba, agus Cuimris a bhrosnaicheas spèis, iomadachd chànanach agus co-ionannachd.
  • A bhith a’ cumail a’ dol a’ coismiseanadh luchd taigh-cluiche gus obair ùr nan cànanan dùthchasach Cuimris, Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba a thaisbeanadh.

Air feadh an tachartais am bliadhna bidh panailean luchd-ealain, còmhraidhean acadaimigeach, agus cothroman do luchd-frithealaidh a bhith a’ conaltradh ri luchd-panail agus luchd-labhairt. Bidh cuspairean a’ gabhail a-steach an taigh-cluiche agus coimhearsnachdan dùthchail; sgrìobhadh ùr a leasachadh; a bhith ag obair gu h-ioma-chànanach; co-ionannachd, iomadachd agus ion-ghabhaltachd agus feumalachdan a’ ghnìomhachais agus na tha an sàs ann; ciad cheumannan a-steach dha bhith a’ riochdachadh is a’ stiùireadh thaisbeanaidhean taigh-cluiche; agus na sgilean a tha a dhìth gus a bhith ag obair anns na mion-chànanan seo. Thèid prìomh-òraid an tachartais a thoirt seachad leis an Àrd-ollamh Michelle NicLeòid, Oilthigh Obar Dheathain, stèidhte air an leabhar aice, Dràma na Gàidhlig: Ceud Bliadhna Air An Àrd-Ùrlar, A Century of Gaelic Drama (Glaschu, 2021). Thèid Coimisean Taigh-cluiche Didseatach Ceangal | Cwlwm do Luchd-ealain 2021-22 fhosgladh aig a’ chruinneachadh, agus bidh cothrom ann a bhith a’ cluinntinn bho luchd-ealain a chaidh a choimiseanadh anns an àm a dh’fhalbh mu na fiosrachaidhean aca is iad a’ coileanadh a’ choimisein seo. Cuirear làrach-lìn Ceangal | Cwlwm gal air bhog aig an tachartas.

Aig cruinneachaidhean a dh’fhalbh, a chuireadh air dòigh le luchd-compàirt ann an Alba is an Èirinn, chaidh prionnsabalan-stiùiridh a chur ri chèile agus chruthaich iad ro-shampall airson dòighean ùra gus a bhith ag obair thairis air na trì cànanan. Bidh cothroman ann na prionnsabalan-stiùiridh a leughadh air làrach-lìn Ceangal | Cwlwm agus beachdan a thoirt seachad orra aig a’ chruinneachadh.

Bidh eadar-theangachadh mar-aon ri fhaighinn aig a’ chruinneachadh fhad ’s a bhios deasbadan panail a’ dol, rud a nì cinnteach gum bi an tachartas fosgailte is fàilteachail do luchd-frithealaidh thairis air na cànanan air fad a tha na lùib.

Tha tiocaidean airson an tachartais saor an asgaidh, ach tha clàradh air Eventbrite riatanach. Nach tèid sibh gu https://culture.research.southwales.ac.uk/  airson barrachd fiosrachaidh mun tachartas agus mar a nì sibh clàradh.

Cwlwm | Ceangal | Connections Conference 2021 Programme

Download the programme* for the conference here! (*This programme will be updated soon)